Iomairt mu ghluasad ola eadar bàtaichean
- Air fhoillseachadh

Thog a' bhuidheann fianais air Traigh Inbhir Narann air a' mhìos a chaidh.
Bidh luchd-iomairt far Ghàidhealtachd ann an Dùn Èideann Diardaoin a' togail fianais aig Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh nam planaichean 'son faisg air naoi millean tunna de dh'ola a ghluasad bho bhàta gu bàta ann an Linne Mhoireibh.
Tha dragh air a' bhuidhinn-iomairt, Cromarty Rising, gun tèid cron a dhèanamh air an àrainneachd nam biodh tubaist ann.
Tha leumadairean biorach, mucan-mara minceach agus peileagan ri fhaighinn anns an linne.
Ach, tha Ùghdarras Caladh Chrombaigh, a tha air cùl nam planaichean, ag ràdh gu bheil modhanan-obrach ann an àite 'son stad a chur air ola bho a bhith ag aodion air mhearachd agus nach eil mòran chunnart ann idir gum bi dòrtadh ola ann.
Tha cead aig an ùghdarras mar thà ola a ghluasad eadar soithichean a tha ceangailte aig a' chidhe aig làrach Bhàgh an Eige.
Taic phoblach
Togaidh buill bho Chromarty Rising fianais taobh a-muigh Holyrood eadar 11:30m agus 2:30f.
Bidh Des Scholes bho Inbhir Narann nam measg agus tha e ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba taic phoblach a thoirt dhan iomairt aca.
"Bu toil leinn nam biodh deasbad sa Phàrlamaid, coltach ris an deasbad a bh' ann ann an 2009 nuair a bha an aon rud a' tachairt ann an Linne Fhoirthe.
"Aig an àm a bha sin bha Ridseard Lochhead gu mòr an aghaidh a bhith a' gluasad ola bho bhàta gu bàta agus leis gu bheil esan na Bhall-Pàrlamaid ann am Moireibh tha sinn airson beagan a bharrachd fhaicinn bhuaithe-san cuideachd," thuirt Mgr Scholes.
Ceist chudromach
'S ann aig Riaghaltas Westminster, ge-ta, a tha am facal mu dheireadh mun chùis leis gur ann bhuapa-san a thigeadh cead airson na h-obrach.
Ach, tha Cromarty Rising a' togail fianais aig Holyrood leis gu bheil Buidheann-mara na h-Alba nan luchd-comhairleachaidh reachdail air gnothaichean leithid seo.
A rèir Mhgr Scholes cha deach a' bhuidheann an sàs sa phròiseas idir nuair a chuir Ùghdarras Caladh Chrombaigh iarrtas a-steach an toiseach.
"'S e ceist eile a tha sin, ceist chudromach a tha sin.
"Agus an turas seo nuair a thèid an t-ùghdarras leis an iarrtas aca tha sinn ag iarraidh air Buidheann-mara na h-Alba rud gu math làidir a chur a-steach an aghaidh a bhith a' gluasad ola bho shoitheach gu soitheach," thuirt Mgr Scholes.