Luchd-obrach nas òige a dhìth
- Air fhoillseachadh

Rabhadh bho NHS nan Eilean Siar gum bi e doirbh seirbheisean a ghlèidheadh
Thàinig rabhadh bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gur dòcha gum bi e duilich dhaibh pìosan den t-seirbheis a chumail a' dol anns an àm ri teachd leis gu bheil uimhir den luchd-obrach aca suas ann am bliadhnaichean.
Aig coinneimh den Bhòrd Diciadain, thuirt an t-Àrd-Oifigear, Gòrdan MacSheumais, gum feum iad barrachd luchd-obrach òg a thàladh chun na seirbheis - gu h-àraidh gu dreuchdan meidigeach.
Tha grunn mhath de luchd-obrach a' Bhùird an dùil an dreuchdan a leigeil dhiubh anns na deich bliadhna a tha romhainn.
Thuirt e gu bheil e na chuideachadh gu bheil cuid de nursaichean airson cumail a' dol nas fhaide, ach gu bheil iad mothachail cho beag de dhaoine òga a tha a' tighinn a-steach dhan t-seirbheis.
Thuirt e nach ann a-mhàin dhan Bhòrd Shlàinte a tha seo na dhùbhlan ach gu bheil e na chomharra air mar a tha sluagh nan Eilean Siar air fad a' fàs nas sine.
Dh'fhaodadh gur e aois an t-sluaigh, thuirt e, an dùbhlan às motha a tha ron sgìre.
"Feumaidh sinn àrdachadh a thoirt air an àireamh dhaoine - aig aois obrach - a thig a dh'obair anns na h-Eileanan Siar agus a dh'fhuiricheas an seo," thuirt e.