Dragh mu rodain anns an Òban
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann mun atharrachadh a thug a' Chomhairle a-steach an-uiridh.
Tha dragh ann am pàirtean den Òban gu bheil rodain agus luchagan air fàs nas pailte bho lùghdaich Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid an àireamh de chruinneachaidhean sgudail anns an sgìre.
'S ann a-nis gach treas seachdain a thathas a' togail an sgudail às na bionaichean uaine, seach gach dàrna seachdain mar a b' àbhaist.
Bithear fhathast a' togail nam bionaichean gorma, airson sgudal a ghabhas ath-chuairteachadh, gach cola-deug.
Thàinig seo a-steach an-uiridh 's a' Chomhairle airson an dà chuid airson airgead a chùmhnadh agus ath-chuairteachadh a bhrosnachadh.
Chuala coinneamh de Chomhairle Choimhearsnachd an Òbain gu bheil seo air trioblaidean adhbharachadh ann an sgìre Soroba far a bheil àireamh mhòr de thaighean agus de fhlataichean.
Thuirt aona bhoireannach a tha ag obair ann an sgoil-àraich gu bheil an suidheachadh cho dona 's gu bheil iad draghail mu bhith a' leigeil na cloinne a-mach a chluich.
Barrachd bhionaichean
Thuirt a' Chomhairle gum biodh iad a' faighinn 150 biona uaine a bharrachd a dh'aithghearr, ach dh'aidich iad nach cuir sin às dhan trioblaid uile gu lèir.
Thuirt aona chomhairliche, Niall Mac an t-Saoir a tha a' riochdachadh Cheann a Deas an Òbain agus nan Eilean, gun do rinn e fhèin mearachd le bhith a' bhòtadh airson an atharrachaidh a thug iad a-steach an-uiridh, agus gum feum a' Chomhairle coimhead ris an t-suidheachadh a-rithist.