Ceathrar san ospadal às dèidh mhaoimtean-sneachda
- Air fhoillseachadh

Chaidh ceathar shreapadairean a thoirt dhan ospadal às dèidh mhaoimtean-sneachda air a' Ghàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.
Chaidh cobhair a dhèanamh air streapadair sa Gharbh-Choire air a' Bhràigh Riabhach Disathairne is maoim-sneachda air a bhith ann.
Bha sgiobaidhean-teasairginn Bhràigh Mhàrr is Obar Dheathain an lùib na h-iomairt.
Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir is e air a chas a ghoirteachadh gu dona.
Na bu tràithe Disathairne rinn Sgioba Teasairginn Loch Abair is trì de heileacoptairean nam Maor-Cladaich cobhair air triùir shreapadairean às dèidh maoim-sneachda air Beinn Nibheis.
Fhuaireadh na streapadairean ann an Coire na Ciste is chaidh an toirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.
Tha e coltach nach eil iad ann an cunnart am beatha.
Thuirt na sgiobaidhean-teasairginn gur ann gu math geamhreadail a tha i air na beanntan an-dràsta, is gu bheil cunnart ann bho mhaoimtean-sneachda.
Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine a bhith mothachail air tuairmsean sìde agus na slighean aca a thaghadh ro-làimhe, is sùil a chumail air Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda, taobh a-muigh.