Triùir chloinne gan goirteachadh air an A9
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis a' rannnsachadh tubaiste air an A9 Disathairne anns an deach triùir chloinne òg a ghoirteachadh.
Chaidh aonan dhiubh a sgèith dhan ospadal 's iad air am fìor dhroch ghoirteachadh, agus chaidh leanabh eile a thoirt ann le carbad-eiridinn.
Bha iad uile a' siubhail anns an aon chàr.
Bha an rathad dùinte airson greis às dèidh na tubaiste aig an Rath Liath.