Eileanaich gan sireadh airson Panal na Cloinne
- Air fhoillseachadh
Tha buill gan sireadh airson Panal na Cloinne anns na h-Eileanan an Iar.
Thuirt Cathraiche Sgioba Taic nan Eilean Siar, Aonghas MacLeòid, gu bheil fireannaich agus boireannaich a dhìth orra - a dh'fhaodas diofar mòr a dhèanamh do bheatha dhaoine òga.
Chan fheum teisteanasan sònraichte a bhith aca, ach feumaidh iad a bhith saor pàirt a ghabhail ann an co-dhiù aon èisteachd sa mhìos, agus a bhith an làthair aig trì seiseanan oideachaidh gach bliadhna.
Thèid tachartas fiosrachaidh a chumail ann an Oifisean na Comhairle ann an Steòrnabhagh eadar 5:00f agus 7:00f Diciadain, an 13mh là den t-Sultain.
Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 26mh là den mhìos.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh