Bùth Murdo MacLean gu bhith a' dùnadh Disathairne
Tha tè dhe na bùthan as sine ann an Steòrnabhagh a' dùnadh.
Tha Murdo MacLean's, neo Bùth MhicRuaraidh, air a bhith ann am meadhan Steòrnabhaigh airson còrr air ceud bliadhna.
Ach, dùnaidh i a dorsan airson an turas mu dheireadh aig an deireadh-sheachdainn.
Tha a' bhùth air a bhith greis air a' mhargaidh, ach cha deach a ceannach.
Tha tuilleadh aig Dòmhnall MacLaomainn.