Coinneamh a' Choimisein an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Bidh coinneamh phoblach aig Coimisean na Croitearachd Dimàirt 19mh Sultaine ann an Uibhist a Deas.
Tha seo mar phàirt de dh'oidhirp na buidhne a dhol a-mach dha na sgìrean croitearachd agus èisteachd a thoirt dha na croitearan.
Thèid coinneamh bhùird a chumail, ach cuideachd coinneamh phoblach.
"Tha e mar chleachdadh gum bi aon de na coinneamhan a h-uile bliadhna a-mach à Inbhir Nis," thuirt ball nan Eilean Siar air a' Choimisean, Iain MacÌomhair.
Eadar-dhealaichte
"Agus tha mi toilichte gun do dh'aontaich an Coimisean, na buill agus an luchd-obrach, gur ann an Uibhist a bhiodh i am-bliadhna.
"Mar sin dheth tha sinn an dòchas gun tèid leinn agus gun tig daoine a-mach chun na coinneimh a bhios againn.
"Tha sinn a' feuchainn ris a' Choimisean fhaighinn cho faisg air na daoine 's a ghabhas, agus a dhèanamh cho furasta dhaibh ma tha iad ag iarraidh puing sam bith a thogail.
"Agus 's dòcha gum faigh iad cuideachd fiosrachadh air dè mar a tha an Coimisean 's dè 's urrainn dhan Choimisean a dhèanamh a rèir nan riaghailtean a th' ann an-dràsta agus nan cumhachdan a th' aig a' Choimisean.
"A bharrachd air sin tha sinn a' dol a dh'fheuchainn ri choinneachadh ris an Luchd-Measaidh.
"Agus a-rithist tha an Coimisean a' coimhead a-steach ann, dè mar as fheàrr na sgilean, agus daoine aig a bheil ùidh a bhith anns an dreuchd sin, ciamar as urrainn dhuinn sin a thoirt air adhart, agus feum nas fheàrr a dhèanamh, agus gum bi iad a' faireachdainn gu bheil iad a' cur ri obair a' Choimisein agus na coimhearsnachd aca.
"Tha sinn an dòchas, ma tha daoine ann agus iad a' faireachdainn nach eil cùisean mar is còir dhaibh, gun gabh iad an cothrom agus gun tèid èisteachd riutha.
"Ach tha sinn an dòchas cuideachd gum bi sinn a' coimhead 's dòcha air adhart air cothroman, agus dè mar as fheàrr as urrainn dha coimhearsnachd mar Uibhist - agus 's dòcha gum fosgail e sùilean feadhainn a th' air a' Choimisean fhèin cho eadar-dhealaichte 's a tha Uibhist ri sgìrean croitearachd eile.
"Agus chì iad bho thuath gu deas cùisean ag atharrachadh bho thalamh a tha cho torrach ri àite a chì thu air an taobh an iar, gu àiteachan iomallach nach eil cho torrach, agus cho duilich 's a tha e bith-beò a dhèanamh anns na h-àiteachan sin.
"Sin aon de na buannachdan a thig à bhith a' dol a-mach agus a' faicinn far a bheil daoine a' fuireach, far a bheil daoine ag obair, agus na duilgheadasan a dh'fheumas iad dèiligeadh ris o là gu là," thuirt e.