Drogaichean, luach cha mhòr £150,000, air fhaighinn air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Fhuair na Poilis air a' Ghàidhealtachd greim air drogaichean anns an robh luach cha mhòr £150,000 ann an iomairt shònraichte an t-seachdainn seo chaidh.
Fhuaireas mu 11cg de chanaib, 1cg de chocaine, pilichean valium agus luchd heroin anns an robh luach còrr air £16,000.
Bha amphetamine, methadone agus crack cocaine cuideachd a-measg na chaidh fhaighinn ann an Iomairt Ram.
Chaidh ochdnar a chur fo chasaid thuige seo, agus tha rannsachaidh nam Poileas a' leantainn.