Cìs air bhanaichean-campachaidh sna h-eileanan?
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead ri cìs a chur air luchd-turais a tha a' siubhail ann am bhanaichan-campachaidh anns na h-Eileanan an Iar.
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun robh an àireamh de bhanaichean-campachaidh a tha a' dol dhan sgìre air èirigh gu mòr agus gum biodh cìs feumail airson daoine a chuideachadh le goireasan air an son a leasachadh.
''Bha mi anns na Hearadh agus bha tòrr a' bruidhinn riumsa mun duilgheadas a th' ann. Tha iad a' cur fàilte chrìdheil air luchd-turais, agus air luchd-turais ann am bhanaichean-campachaidh gu h-àraidh, agus 's e an trioblaid a th' ann, 's e nach eil am bun-structar anns na h-eileanan a' cumail suas leis an àireimh a th' ann de luchd-turais a' tighinn dha na h-eileanan, gu sònraichte ann am bhanaichean-campachaidh.''
'''S e an deasbad a tha mi ag iarraidh, deasbad mun dòigh às fheàrr a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil airgead a' dol a-steach gu bun-structur nan eilean airson luchd-turais sa chiad dol a-mach.''
Tha an Dtr. Allan air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a' faighneachd dè ghabhas dèanamh mun chùis.
Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil ''deagh bhuaidh'' air a bhith aig faraidhean RET air coimhearsnachdan eileanach, ach thuirt iad cuideachd gu bheileas a' cumail sùil gheur air na th' ann de dh'iarrtas airson nan seirbheisean aiseig.

Thuirt BPA nan Eilean Siar gu bheil RET a' toirt buannachd fhollaisich don eaconamaidh.
Tha an Dtr. Allan ag aontachadh gu bheil faraidhean RET air a bhith soirbheachail, ach tha ceist air fhathast a bheil rùm gu leòr air na bàtaichean-aiseig airson na th' ann de bhanaichean-campachaidh.
''Tha mise a' togail na ceist, am biodh e na b' fheàrr nam biodh beagan airgid a' tighinn a-steach a bhiodh air a chleachdadh airson bun-structar anns na h-eileanan airson luchd-turais.''
Barrachd chòmhraidh
Tha làrach champachaidh aig Anne NicGilleFhaolain ann an Uibhist agus na beachdsa 's e ceum air ais a bhiodh ann an cìs den leithid.
''Tha mi a' smaoineachadh gun e droch rud a th' ann. Tha sinn a' feuchainn ri luchd-turais a thàladh dha na h-eileanan agus chuireadh seo daoine dheth.''
''Chòrdadh e rium nam biodh barrachd chòmhraidh eadar na gnìomhachasan anns na h-eileanan an toiseach, mus deadh moladh sam bith air adhart.''
Thuirt i nach eil i a' faicinn gu bheil duilgheadasan ann an Uibhist. Ach, thuirt i gur dòcha gu bheil duilgheadasan ann an sgìrean eile sna h-eileanan.
''Feumaidh sinn dèiligeadh ri sin, agus chan e a bhith a' cur rud mar seo air daoine a tha a' tighinn dha na h-eileanan. Chan e deagh rud a bhiodh ann.''