Coinneamh mu sheirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich
- Air fhoillseachadh
Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, a' coinneachadh ri Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, Diardaoin gus bruidhinn air an dragh a tha a' cuairteachadh lùghdachadh a thoirt air seirbhisean slàinte ann am Port Rìgh.
Tha NHS na Gàidhealtachd an-dràsta ag obair ag ath-dhealbhachadh sheirbheisean, le leudachadh air fàire aig ospadal ùr san Ath Leathann.
Tha mòran ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air na guthan aca a thogail an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd.
Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gur e seo an dòigh às fheàrr ospadal ùr fhaighinn dhan eilean.
Ach, tha dragh ann gu bheil Port Rìgh, far a bheil àireamh mhòr de shluagh an eilein a' fuireach, a' fulang fo na planaichean fom biodh ospadal ùr air a thogail san Ath-Leathann.
Tha gainnead luchd-obrach aig Ospadal Phort Rìgh air cur ris an dragh a th' air daoine mun lùghdachadh ann an seirbhisean.
Tha dùil gun cuir Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, an cèill an dragh mòr a th' anns a' choimhearsnachd mu na tha san amharc ri Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, 's iad a' coinneachadh feasgar Dhiardaoin.