CNES 'son guth nas treasa a thoirt do bhoireannaich
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur romhpa guth nas treasa a thoirt do bhoireannaich ann an obair na buidhne.
Thòisich deasbad nuair a chaidh fireannaich a-mhàin a thaghadh mar chomhairlichean anns na h-Eileanan Siar aig an taghadh ionadail sa Chèitean.
Tha Comataidh Poileasaidh agus Stòrais na Comhairle a-nise air gabhail ri plana airson boireannaich a chur air grunn bhuidhnean taobh a-staigh an ùghdarrais.
Thèid boireannaich a chur air panalan ghoireasan daonna, agus mar riochdairean air buidhnean-obrach an ùghdarrais.
Bidh na buidhnean-obrach a' meòrachadh air poileasaidhean na Comhairle a thaobh ghnothaichean mar choimhearsnachdan is taigheadas, foghlam, spòrs agus seirbheisean cloinne, còmhdhail agus bun-structair.
Chuir ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh, fàilte air a' ghluasad 's e ag ràdh gu bheil seo na cheum air an t-slighe airson guth nas treasa a thoirt do bhoireannaich air an ùghdarras ionadail.
Chuir Comataidh Poileasaidh agus Stòrais CnES romhpa cuideachd leantainn orra le dòighean eile air riochdachadh nas fheàrr a thoirt do bhoireannaich agus do dhaoine òga.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Cèitean 2017
