Ministear a phòs Madonna is Guy Ritchie na Modaràtar
- Air fhoillseachadh

Tha an t-Urr. Susan Brown na ministear aig Cathair-Eaglais Dhòrnaich.
Tha am ministear Gàidhealach, a phòs Madonna is Guy Ritchie a' dol a bhith na modaràtar air Àrd-Sheannaidh Eaglais na h-Alba an ath-bhliadhna.
Tòisichidh an t-Urr. Susan Brown, a tha na ministear aig Cathar-Eaglais Dhòrnaich, anns a' Chèitean 2018.
Thuirt i gur e urram a th' ann dhi a bhith air a taghadh airson na dreuchd.
Gabhaidh i àite an Dr. Urr. Derek Browning.
Urram mòr
Thuirt a' Bh-Ph. Brown, a tha 58 bliadhna de dh'aois, nach e na bhios fa-near dhise, ach na tha Dia ag iarraidh oirre a dhèanamh.
"Tha fios agam gur e urram mòr a tha seo, agus gur e dleastanas mòr a th' ann - le taic Dhè a dhìth orm".
Phòs i Madonna agus Guy Ritchie ann an Caisteal Sgìobail, faisg air Dòrnoch anns an Dùbhlachd 2000 agus 's i a bhaistich am mac aca, Rocco.
Tha a' Bh-Ph. Brown air a bhith na ministear air a' Ghàidhealtachd fad 32 bliadhna, 13 bliadhn dhiubh sin aig paraiste Chille Eàrnain san Eilean Dubh, mus deach a gluasad gu Cathair-Eaglais Dhòrnaich.