Ìmpidh son siostam dealbhachaidh son rathaidean monaidh
Cuirear ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba rathaidean monaidh a chur a-steach fon t-siostam dhealbhachaidh.
Chan fheum uachdarain cead an-dràsta airson rathaidean aig a bheil ceangal ri àiteachas neo obair-coille.
Tha luchd-iomairt a' gearainn mun sin, 's tha iad ag iarraidh air daoine fios a chur thuca ma chì iad rathaidean a' nochdadh a tha a' dèanamh cron air dreach na sgìre aca.
Ach tha feadhainn eile toilichte gu leòr leis na rathaidean mar a fhuair Pàdraig MacAmhlaigh a-mach.