Naidheachdan 11:00m
Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil dùbhlain a tha ron an NHS a' cur maill air seirbheis na slàinte. Tha aithisg bhliadnail na buidhne a' togail dragh mu thargaidean air nach eil an NHS ag amas, an ùine a tha euslaintich a' feitheamh, cion adhartais agus cuideam air buidseatan. Thuirt na Làbaraich gu bheil an aithisg a' dearbadh gum bu chòir do Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, an dreuchd fhàgail. Tha Ms Robison a' cumail a-mach gu bheil adhartas ann.
Tha rabhadh ann gu bheil droch shlàinte inntinn a' cosg faisg air £100bn do dh'eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte. Fhuair an sgrùdadh gu bheil suas ri 300,000 duine nach eil a' faighinn na taic a tha a dhìth orra san àite-obrach a' fàgail an cosnadh a h-uile bliadhna. Tha 40 moladh anns an aithisg a thaobh de bu chòir dhan riaghaltas agus do luchd-fastaidh a bhith a' dèanamh.
Dh'aontaich BT cunntasan mìosail a ghearradh do mhìltean de luchd-cleachdaidh aig nach eil ach loidhne fòn àbhaisteach san dachaigh. Fhuair an riaghladair, Ofcom, nach robh daoine air na cumhnantan sin a' faighinn luach an airgid seach daoine le cumhnantan iomadh fhillte 'son leithid fòn, bann-leathainn agus seirbhisean telebhisein.
Tha aimhreit ann an Ceinia eadar poilis agus luchd-taic nam pàrtaidhean dùbhlain, far an do thòisich bhòtadh ann an taghadh a' chinn-suidhe, a tha dha chumail 'son an dàrna uair. Chuir Prìomh Chùirt na dùthcha as do bhuil a' chiad thaghadh san Lunasdail agus iad ag ràdh gu robh mi-chothromachd ann. Dh'iarr ceannard nan dùbhlanach air an luchd thaic an taghadh a sheachnadh an turas seo agus tha e coltach ann nach eil mòran a' gabhail pàirt anns a' bhot.
Tha dùil ri freagairt bho Chatalonia an-diugh do phlana Riaghaltas na Spàinn 'son cumhachdan na sgìre a ghearradh. Bheir an ceannard, Carles Puidgemont, fiosrachadh dhan phàrlamaid roinneil. Thòisich an èiginn aig toiseach na mìos seo an deidh referendum 'son neo-eisimeileachd ann an Catalonia.
Thuirt oifigearan còmhdail aig Riaghalatas na h-Alba gum bi iad a' bruidhinn ri Poilis na h-Alba 'son tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu dhà thubaist mhairbhteach air an A9 faisg air Aghaidh Mhòr. Bha an dà thubaist faisg air earrainn ùr de rathad dà fhillte, a dh'fhosgail bho chionn ghoirid. Tha fear de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Daibhidh Stiùbhart, ag iarraidh air Còmhdhail na h-Alba rannsachadh de cho soilleir 's tha na soidhnichean-rathaid ùra an sin.
Tha dùil gum bi àireamh sluaigh na h-Alba ag èirigh agus 's fhìor fhàs nas seana. Tha na figearan oifigeal 's ùire a' tomhas gum àireamh nam peinseanearan 's fhìor fhàs mu choinneimh na tha aig aois obrach.