£7,000 de dhrogaichean ga lorg an Alanais
- Air fhoillseachadh
Chaidh drogaichean, luach £7,000, a lorg leis na Poilis ann an Alanais air taobh sear Rois Diardaoin.
Bha cainb, amphetamine agus MDMA am measg nan drogaichean a chaidh a lorg ann an sgìre Firhill den bhaile.
Tha fireannach, 26, fo chasaid agus nochdaidh e sa chùirt ann am Baile Dhubhthaich.
Thuirt na Poilis gun cùm iad a' strì gu cruaidh gus faighinn cuidhteas drogaichean ann an sgìrean Gàidhealach.
Gheall na Poilis cuideachd gun dèan iad an dìcheall coimhearsnachdan a dhèanamh nas sàbhailte.