"Cothroman" an NC500
- Air fhoillseachadh

Tha an NC500 a' tàladh nam mìltean de dhaoine gu tuath
Thuirt àrd-stiùiriche an NC500 gu bheil cothroman mòra an cois na slighe gus bun-structar na Gàidhealtachd a leasachadh.
Tha Tom Caimbeul ag ràdh gum feumar dèanamh cinnteach gum mair na buannachdan a tha an t-slighe rathaid a' toirt dhan cheann a tuath.
Tha an NC500 air soirbheachadh gu mòr bho chaidh an t-slighe a chomharrachadh ann an 2015, is e air na mìlltean a thàladh dhan Ghàidhealtachd.
Ged a tha fàilte ga cur air buannachdan eaconamach na slighe, tha ceist a bheil na goireasan ann airson nan àireamhan mòra de luchd-turais a tha a' siubhal na slighe.
'S e dragh a tha sin a tha air nochdadh ann an sgìrean eile den Ghàidhealtachd bho chionn ghoirid, an t-Eilean Sgitheanach nam measg.
Fàs
Tha Tom Caimbeul a' faicinn chothrom seach cnap-starra.
"Tha mi a' smaointinn gur e seo fear de na cothroman as fheàrr a bha a-riamh ann gus airgead a chosg air bun-structar iar-thuath na Gàidhealtachd", thuirt Mgr Caimbeul.
"Tha adhbhar ann a-nise airgead a chosg air bun-structar.
"Chan eil mi a-mach a-mhàin air rathaidean is àitean parcaidh is eile. 'S e tha mi a' ciallachadh ach am bun-structar air fad a tha an cois turasachd.
"Tha rudeigin againn an seo a-nise a tha a' toirt bhuannachdan mòra dhan sgìre is dhan choimhearsnachd.
"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum mair e", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dàmhair 2017

- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal 2017
