Obair air an A82
- Air fhoillseachadh

Cuiridh an obair 55 mìle ris an t-slighe
Bidh earrann de phrìomh rathad thaobh siar na Gàidhealtachd dùinte do charbadan tron là airson faisg air cola-deug 's obair-leasachaidh mhòr gu bhith a' tòiseachadh Diluain.
Bidh an A82 eadar a' Chrìon-Làraich agus an Tairbeart dùinte eadar 08:00m agus 6:00f Diluain gu Dihaoine.
Fàgaidh sin gum feum dràibhearan slighe eile a ghabhail tron A83, an A819 agus an A85 - a chuireas 55 mìle a bharrachd ris an t-slighe.
Thèid ge-tà, na seirbheisean èiginn agus busaichean-sgoile a leigeil troimhe.
Thuirt Bear Scotland gur ann às dèidh dhaibh co-chomhairle a dhèanamh le coimhearsnachdan a roghnaich iad an obair a dhèanamh anns an t-Samhain 's nas lugha luchd-turais anns an sgìre.
Thèid feansa-sàbhailteachd ùr a thogail, drèanaichean a ghlanadh a-mach agus thèid an rathad a thearradh às ùr.
Mairidh an obair 12 là agus thathas a' moladh do dhràibhearan sùil a chumail air làrach-lìn Thrafaig Alba.