"An cothrom mu dheireadh do chroitearachd"
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e Bile ùr na Croitearachd "an cothrom mu dheireadh" croitearachd a shàbhaladh.
Mhol Comataidh Croitearachd na Comhairle gun deadh tòiseachadh le duilleig bhàin, is an reachdas ùr a chumail sìmplidh ma tha croitearachd gu bhith buan is tarraingeach do dhaoine òga.
Dh'iarradh iad cuideachd gun deadh a dhèanamh nas fhasa taic-airgid fhaighinn airson taighean-croite a thogail agus gum biodh iasadan ri fhaotainn cuideachd.
Thuirt Cathraiche na Comataidh, Dòmhnall Crichton, gu bheil iad a' faicinn chothroman an lùib a' bhile ùir.
"Bile ùr ach bile a tha sinn an dòchas tha dol a dhèanamh atharrachadh mòr agus dol a thoirt togail agus cuideachadh dha croitearachd - seo, tha mi a' smaoineachadh, an teansa mu dheireadh a th' againn airson bile a chur air chois a tha dol a dhìon croitearachd airson nam bliadhnaichean a th' air thoiseach oirnn".
"Feumaidh an Riaghaltas a bhith ag èisteachd ri beachdan chroitearan agus ris a' choimhearsnachd airson bile a chur ri chèile a tha gu bhith seasmhach agus a tha a' dol a thoirt cothrom dha daoine òg a thighinn a-steach dha croitearachd - agus a' cumail na dòigh-beatha seo beò".