Fear a chaidh a' ghoirteachadh a' faireachdain fortanach

  • Air fhoillseachadh
Gary Mitchell
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Gary Mitchell a' leòn mun cheann is aodann

Tha fear a chaidh a' ghoirteachadh nuair a thuit pannal-glainne air a' mhuin a' fàireachdain fortanach nach deach e fhèin no duine sam bith eile a' leòn gu dona.

Thuit am pannal-glainne air Mgr Mitchell, a tha 57, taobh a-muigh na bùtha, New Look aig Pàirce Bhùithdean Inbhir Nis feasgar Dimàirt 's chaidh a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil rudeigin mar seo air tachairt mar tha san Òg Mhìos am bliadhna.

Tha rannsachadh air tòiseachadh mun chùis le oifigearan slàinte is sàbhailteachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd na lùib.

Thuirt a' chompanaidh leis a bheil an làrach, British Land gum bi a' phàirc dùinte san eadar-ama gus an tèid na pannalan-glainne a thoirt sìos air gach bùtha.

Mar sin chan eil fhios le cìnnt cuin a dh'fhosglas na bùithdean a-rithist.

Gheibhear am fiosrachadh às ùire an seo, taobh a-muigh.