Aonta bus air a leudachadh

  • Air fhoillseachadh
BusTùs an deilbh, Billy McCrorie / Geograph

Chaidh aonta bus eadar Comhairle nan Eilean Siar, Citylink is HITRANS a leudachadh is iad ag ràdh gu bheil e air feum mòr a dhèanamh.

Fon aonta, cuiridh Citylink busaichean a bharrachd air dòigh air an t-slighe eadar Ulapul agus Inbhir Nis ma tha iarrtas gu leòr ann.

Tha sin a' ciallachadh gum bu chòir gum bi luchd-siubhail an ìre mhath cinnteach gum faigh iad àite air a' bhus ma cheannaicheas iad tiocaid ro làimh.

Bha daoine air gearain roimhe gun do nochd iad ann an Ulapul no Inbhir Nis is nach robh àite air a' bhus dhaibh.

Dh'innis Citylink gun do chuir iad 48 busaichean a bharrachd air dòigh as t-Samhradh air sgàth an iarrtais a bh' ann.

Le sin, thèid an t-aonta a leudachadh gu deireadh na bliadhna, seachd là san t-seachdain.

Thuirt na buidhnean air fad, ge-tà, gum bu chòir do dhaoine tiocaid a cheannach ro-làimh ma tha iad airson siubhail air a' bhus.

Thuirt iad mura h-eil fios aig Citylink 48 uairean de thìde ro-làimhe mun iarrtas a th' ann nach urrainnear a bhith cinnteach gun tèid bus eile a chur air dòigh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh