Luchd-obrach BiFab ag aontachadh cumail orra ag obair, ach geataichean Àirinis a ghlasadh.

Dh'aontaich luchd-obrach BiFab ann an Leòdhas gun cum iad orra ag obair air a' chùmhnant a th'aca an-dràsta agus gun glas iad geataichean Gàradh Àirinis gus nach urrainn dad a thoirt a-mach no a-steach gun chead bhon aonadh-ciùird aca.

Tha BiFab, aig a bheil gàraidhean togail ann am Fiobha agus Leòdhas, ann an cunnart a dhol ann an rianachd air sgàth trioblaidean ionmhais.

Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnullach.