Naidheachdan 11:00m
Brexit
Tha Theresa May a' coinneachadh ri prìomh bhuill a' chaibineit aice a dheasbad an t-suim-airgid a bhios Breatainn a' pàigheadh 'son falbh às an Aonadh Eòrpach. Thuirt Sràid Dhowning nach eil fìrinn sam bith anns na h-aithrisean gu bheil am Prìomhaire deònach a' chiad thairgse, de dh'ochd deug billean not, a dhùblachadh.
Kezia
Thuirt ceannard ùr nan Làbarach ann an Alba, Ridseard Leonard, gun do dh'iarr an t-seann cheannard, Kezia Dugdale, cead a dhol air a' phrògram telebhisein "I'm a Celebrity" ach gun deach sin a dhiùltadh dhith. Dh'innis Mgr Leonard dhan BhBC nach eil e fhèin cinnteach am bu chòir casg a chur oirre bhon phàrtaidh ach gum feum deasbad a bhith ann mun t-suidheachadh.
Zimbabwe
Coinnichidh pàrtaidh Zanu PF ann am Zimbabwe a dheasbad dè bu chòir dhaibh a dhèanamh mu cheann-suidhe na dùthcha, Raibeart Mugabe, a tha a' diùltadh an dreuchd fhàgail. Chaidh an ceann-ùine a chur iad mu choinneimh son sin seachad sa mhadainn an-diugh agus tha coltas ann a-nis gum faodadh iad a chur fo chasaid.
British Gas
Dh'innis Centrica - a' chompanaidh dham boin British Gas - gum bi iad a' cur às dhan na cùmhnantan bunaiteach aca, standard tariff, 'son gas 's dealan do luchd-cleachdaidh ùra. Sin an sgeama phrìsean 's daoire a dh'fhaodas a bhith ann do chuid de luchd-cleachdaidh. Tha a' chompanaidh ag ràdh ge-tà gur e pàirt de dh'atharrachadh a th' ann a bhios gu math nas èifeachdaiche na an smachd a tha an Riaghaltas a' moladh air prìsean.
BiFab
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast a dh'aindeoin an aonta 'son na companaidh BiFab a chumail a' dol a chiad ghreis. Tha an t-aonta sin a' ciallachadh gum faigh BiFab, aig a bheil trì làraich ann an Alba - dhà ann am Fìobha agus aig Àranais ann an Leòdhas - crìoch a chur air cùmhnant do thuath-gaoithe Bheatrice.