Draghan mu dhùnadh rèile-beinne

  • Air fhoillseachadh
Rèile-beinne a' Chuirn GhuirmTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh stad a chur air seirbheisean air adhbharan sàbhailteachd Diluain às dèidh do luchd-einnsinìridh draghan a thogail mu na puist concrait air a bheil na rèileichean.

Tha dragh ann gum faodadh an Aghaidh Mhòr droch bhuaidh eaconamach fhulang mu dhùineas rèile beinne a' Chàirn Ghuirm 'son ùine fhada.

Lorg luchd-einnsinìridh trioblaidean leis na puist air a bheil na rèilichean a' laighe.

Tha rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm na pàirt chudromach do lìonra còmhdhail gnìomhachas sgithidh na sgìre.

Tha an gnìomhachas a' toirt nam mìlltean dhan Ghàidhealtachd airson sgitheadh agus bòrdadh-sneachda air na slèibhtean gach seusan, agus a' cheart uimhir de dhaoine airson coiseachd agus tadhal air barr na beinne aig amannan eile den bhliadhna.

Obaircàraidh

Ach, chaidh stad a chur air seirbheisean air adhbharan sàbhailteachd Diluain às dèidh do luchd-einnsinìridh draghan a thogail mu na puist concrait air a bheil na rèileichean.

Thuirt an fheadhain a tha ruith na rèile gun tèid a dhùnadh dhan phoball grunn sheachdainean fhad 's a thèid barrachd rannsachaidh a dhèanamh.

Tha dùil ri obair càraidh às dèidh sin.

Thuirt Comann Gnìomhachais na h-Aghaidh Mòire ma bhios an rèile-beinne dùinte fada an t-seusain sneachda gum biodh sin uamhasach do dh'eaconamaidh na sgìre.