Rèile-beinne an làmhan na coimhearsnachd?

  • Air fhoillseachadh
Rèile-beinne a' Chàirn GhuirmTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm ga ruith le Cairngorm Mountain Earranta airson na buidhne Natural Retreats - a tha a' ruith ghnothaichean air a' Chàrn Ghorm fo aonta bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thuirt am Ball-pàrlamaid Albannach Gàidhealach Ceit Fhoirbeis gun cuireadh i fàilte air a' choimhearsnachd san Aghaidh Mhòir nam biodh iad airson a bhith an sàs anns an t-seirbheis spòrs-sneachda air a' Chàrn Ghorm a ruith.

Thàinig e am bàrr Diardaoin gu bheil a' chompanaidh Cairngorm Mountain Earranta, a bhios a' ruith na rèile-beinne agus goireasan eile air a' bheinn air a dhol ann an rianachd.

Tha rèile beinne a' Chàirn Ghuirm ga ruith le Cairngorm Mountain Earranta airson na buidhne Natural Retreats - a tha a' ruith ghnothaichean air a' Chàrn Ghorm fo aonta bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha duilgheadasan ionmhais air a bhith aig a' chompanaidh airson treis, agus obair-càraidh mhòr a dhìth air an rèile-beinne, a chaidh a dhùnadh bho chionn ghoirid air adhbharan sàbhailteachd.

Sgrùdadh

Tha sgrùdadh a' leantainn air na dh' adhbharaich na trioblaidean, agus dùil ri fios mun sin air an ath sheachdain.

Cumaidh a' chompanaidh ag obair fhad 's a nì an luchd-rianachd còmhraidhean le feadhainn a dh'fhaodadh a ceannach.

Thuirt iad nach eil dùil aig an ìre seo gun caill duine den 70 luchd-obrach an cosnadh a' chiad ghreis.

Tha an naidheachd seo na dhragh do mhuinntir an àite a tha a' crochadh air rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm airson luchd-turais a thàladh dhan sgìre.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gum bu chòir a' choimhearsnachd a bhith an lùib chùisean, ged a tha i ag ràdh gur e suidheachadh an luchd-obrach an rud as cudromaiche an-dràsta.

Trioblaidean structair

Aig toiseach an Damhair dh'fheumadh rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm dùnadh air sàilleibh trioblaidean structair.

Bhon uair sin tha Cairngorm Mountain Earranta air a bhith a' call airgid aig ìre a tha a' ciallachadh nach urrainn dhaibh cumail orra ruith seirbheis spòrs-sneachda na beinne is tha iad a-nis fo rianachd.

'S e dòchas an luchd-rianachd gun tèid a' chompanaidh a cheannachd le cuideigin a chumas na seirbheisean spòrs-sneachda a' dol.

'S ann le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha goireasan A' Chàirn Ghuirm.

Cùmhnant

Ann an 2014 thug iadsan cùmhnant 25 bliadhna do Chairngorm Mountain Earranta na seirbheisean a ruith air an son.

Ach anns an ùine seo tha cuid de chòimhearsnachd na sgìre air a bhith gu mòr an aghaidh mar a tha a' chompanaidh air a bhith ag obair.

An-uiridh thòisich Comann Gnìomhachais na h-Aghaidh Mòire tagradh airson ceannachd na beinne às leth na coimhearsnachd, iomairt a tha a-nis air a leantainn le Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir.

Thuirt Mike Dearman, stiùiriche na buidhne, gu bheil làn fhios aig an luchd-obraich ciamar a bu chòir dhaibh na goireasan a ruith.

Ach thuirt e; "'S e an dragh a bha oirnne bho thùs na co-dhùnaidhean ionmhais agus obair stiùiridh an ionaid"

"Tha sinn glè thoilichte gu bheil na daoine ceart shuas air a' bheinn - leig leotha an obair aca a dhèanamh, thoireamaid taic cheart dhaibh 'son dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a' tarraing air an aon ràmh."