Dragh mu cheist a' chunntais-shluaigh

  • Air fhoillseachadh
A' Ghàidhlig

Tha dragh ann gum faodadh atharrachadh anns na ceistean mu chànan san ath-chunntas-sluaigh ann an 2021 cron a dhèanamh air a' Ghàidhlig.

Gu ruige seo bha an cunntas-sluaigh a' faighneachd dè an cànan a bha daoine a' bruidhinnn san dachaigh, ach tha moladh ann sin atharrachadh gu dè prìomh chànan dhaoine.

Tha an t-Oll. Rob Dunbar ag ràdh gum faodadh sin dealbh meallta a dhèanamh air suidheachadh na Gàidhlig.

"Tha mi a' tuigsinn gun do rinn iad deuchainn air an t-seann cheist air cleachdadh cànain. Sin "a bheil thu a' cleachdadh cànain eile seach Beurla aig an taigh?"," thuirt e.

Lùghdachadh Àireamhan

"Agus tha iad a' beachdachadh air ceist eile, "dè a' phrìomh chànain a th' agad?"

"Agus tha mi a' smaointinn bho shealladh na Gàidhlig co-dhiù agus na cànanan eile, gu bheil a' cheist sin car cunnartach ann an dòigh.

"'S dòcha gum biodh sin a' lùghdachadh nan àireamhan anns a' chunntas-sluaigh, a thaobh cleachdadh na Gàidhlig co-dhiù.

"Agus cha bhiodh sin ag innse dhuinn 's dòcha, na dh'fheumas sinn a thaobh poileasaidh cànain cuideachd.

"'S e aon de na ceistean as motha do luchd-poileasaidh, dè cho tric, agus dè na suidheachaidhean anns a bheil daoine a' cleachdadh na Gàidhlig?

"Nam biodh a' cheist a' lùghdachadh nan àireamhan a tha a' cleachdadh Gàidhlig mar phàirt chudromach de am beatha làitheil, ach nach urrainn dhaibh a ràdh le cinnt gur e prìomh chànan a bhiodh ann, 's dòcha gum biodh sin a' dèanamh cron air an dealbh a bhios aig luchd-poileasaidh na Gàidhlig," thuirt e.

Thuirt Cunntasan Nàiseanta na h-Alba gu bheil iad a' beachdachadh air a' cheist mun phrìomh chànan a thoirt a-steach gus an tèid aca air fiosrachadh nas fheàrr a thrusadh mu chomasan dhaoine ann am Beurla.

Thuirt iad gu bheil am fiosrachadh seo a dhìth air buidhnean poblach airson seirbheisean a lìbhrigeadh.

Tha iad cuideachd ag radh gum bì ceist fhathast anns a' chunntas-sluaigh mu sgilean Gàidhlig.