Leudachadh air sgeama na cathain an Uibhist a Tuath

Tha duil gun toisich sgeama nas fhaide air a bhliadhna gus cathain fhuadach far talamh croite ann an Uibhist a Tuath.

Tha iad a tomhas gun do gheamhraich còrr is 7,000 cathan air an eilean, agus eadar na tha iad ag ithe do dh'fheur agus na tha iad a cruthachadh do shalachar tha iad nan crois do chroitearan.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.