Sgeama fuadach chathan an Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh

Thathas an dòchas gun tòisich sgeama gus cathain fhuadach far talamh-croite ann an Uibhist a Tuath nas fhaide den bhliadhna.
Chuir còrr air 7,000 de na h-eòin seachad an geamhradh mu chroitean an eilein, le 800 dhiubh anns a' Bhaile Shear.
Eadar na bhios iad ag ithe de dh'fheur, agus na tha iad a' gannrachadh de thalamh le an cuid salchair, tha iad nan crois do chroitearan.
An dèidh dha na h-eòin a bhith air an eilean fad a' gheamhraidh, tha àite sìneadh glan do chaoraich gu breith doirbh fhaighinn.
Àiteachan Biadhaidh
"Saoilidh mi gu bheil iad a' sgaoileadh nas fhaide a-steach dhan eilean, Eilean a' Bhaile Shear, gu feadhainn de na croitean eile," thuirt Iain Dòmhnallach a tha na chroitear sa Bhaile Shear.
"Bha iad a' fuireach car anns a' cheann a tuath an seo den eilean, can bho chionn dà bhliadhna.
"Ach tha iad air sgapadh, agus tha mi a' smaointinn 's dòcha gu bheil barrachd dhiubh ann, gur e sin a tha a' toirt orra a bhith a' sgapadh," thuirt e.
Thòisich Dualchas Nàdair na h-Alba air clàr a chumail air àireamh nan cathan bho chionn trì bliadhna, agus tha iad air a bhith a' conaltradh ri buidhnean de chroitearan airson dòigh fhaighinn air na cathain a ghlèidheadh - oir tha iad air an dìon - agus aig an aon àm am fearann a dhìon bho mhilleadh nan eun.
"'S e an smuain a th' ann gum bi cuid de dh'àiteachan ann air nach cuirear dragh, far an tèid aig na geòidh a dhol a bhiadhadh, agus àiteachan eile far am faod na croitearan ruaig a chur air na geòidh far an fhearainn aca," thuirt Manaidsear Obraichean SNH ann an Innse Gall, Johanne Fhearghasdan.
"Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Buidheann nan Gèadh thairis air a' bhliadhna mu dheireadh feuch sin a chur an gnìomh," thuirt i.
Thathas an dùil gun tòisich an sgeama ùr as t-Samhradh am-bliadhna, agus gum mair e dà bhliadhna sa chiad dol-a-mach.