Leabhar ùr le Ruaraidh MacIlleathain

Chaidh leabhar ùr Gàidhlig fhoillseachadh ann an Inbhir Nis an-diugh, mu strì saorsa na h-Èireann aig toiseach na ficheadamh linn.

A rèir ùghdar an leabhair ge-tà tha cuspairean ann a tha fhathast a' buntainn ris an là an-diugh.

Bha Anndra MacFhionghain an làthair aig an tachartas airson 'Còig Duilleagan na Seamraig' le Ruairidh MacIlleathain a chur air bhog.