Grunn troimhe an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh grunn sgiobaidhean bhon chosta an iar air adhart ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd is an fharpais air tòiseachadh air an deireadh-sheachdain.
Tha Malaig, a bhuannaich Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse an-uiridh, troimhe is iad air soirbheachadh 2-1 san Tom Aiteann.
Chaidh an dà sgioba eile bho Lìog an Eilein Sgitheanaich a-mach ge-tà, is na Poilis a' dèanamh a' ghnothaich 2-1 air Juniors Phort Rìgh, is GA United a' call 3-2 ri Baile Màiri.
Ann an Roinn nan Eilean Siar, bha oidhche air leth aig United Steòrnabhaigh is iad a' cur an Taobh Siar a-mach às an fharpais 2-1.
Anns na geamaichean eile anns na h-Eileanan an Iar, rinn Càrlabhagh an gnothach 4-1 air na Lochan, is b' e 2-1 dha Beinn nam Fadhla an aghaidh Saints an Iochdair às dèidh ùine a bharrachd.
Bidh an ath-chuairt de Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd ann deireadh-seachdain an 18mh den Chèitean is tha clàr nan geamaichean an seo, taobh a-muigh.