Dearbhadh air dàil le aiseagan
- Air fhoillseachadh

Bidh dàil de cho-dhiù dà bhliadhna air an dà bhàta-aiseig a tha gan togail an-dràsta don chompanaidh CMAL.
Thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, nach bi an MV Glen Sannox deiseil air an t-samhradh seo, agus nach bi an soitheach eile a tha ga togail airson slighe Ùige, an Tairbeirt agus Loch nam Madadh, deiseil as t-earrach an ath-bhliadhna mar a bha dùil nas motha.
Tha Comhairle nan Eilean Siar draghail nach do dh'ainmich e cuin a bhios an dà bhàta deiseil.
Thuirt Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robastan, gum feum Ferguson Marine Engineering, a tha a' togail nan soithichean, innse cuin a bhios iad deiseil a dhol ann an seirbheis.
Bha e ag ràdh cuideachd gum feum an riaghaltas am fiosrachadh seo iarraidh seach gur ann leotha a tha CMAL, agus air sgàth nan iasadan mòra a thug iad dhan ghàrradh togail.
Thuirt e: "feumaidh a h-uile duine obrachadh còmhla gus plana a chur ri chèile is seann aiseagan a' cur seirbheisean riatanach ann an cunnart."