Dragh air "Fàs Mòr"

Tha sinn a' leantainn oirnn le ar sreath mu fhoghlam tràth-bhliadhnaichean.

Tha dragh air an ionad cùraim chloinne Fàs Mòr - ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich - agus iad ag ràdh gur dòcha gum bi aca ri dùnadh air sgàth poileasaidh ùr Riaghaltas na h-Alba.

Tha iad den bheachd nach nach bi uimhir a dh'fheum orra air a shailleabh.

Thathas a' cumail chòmhraidhean le Comhairle na Gàidhealtachd mun chùis - agus iad an dòchas gun tig fuasgladh asta - mar a tha Alasdair MacLeòid a-nis ag aithris...