Seann taighean gan cur gu feum?

Tha Comhairle nan Eilean Siar air rannsachadh a thòiseachadh feuch ciamar a ghabhadh mìle taigh a tha a' laighe falamh a leasachadh - mar dhachannan do dhaoine a tha a' feitheamh ri taigh san sgìre.

Ach ged a tha ùidh mhòr air nochdadh san sgeama, tha dragh gun roghnaich na daoine leis a bheil iad an cleachdadh airson luchd-turais agus gum biodh suidheachadh taigheadais nan Eilean na bu mhiosa buileach.

Seo Aonghas Dòmhnallach.