Naidheachdan 11:00m

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba reachdas air adhart ag ainmeachadh 2045 mar an ceann-ùine airson na tha an dùthaich a' cruthachadh de ghasaichean càrbon a ghearradh gu neoni. Tha seo a' tachairt agus aithisg ùr bho Chomataidh Atharrachadh na Gnè-Shìde a' moladh gum bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte gu lèir a bhith ag amas air "Net Zero" a choileanadh ron bhliadhna 2050.

Thuirt Rùnaire nan Dùchannan Cèin gu bheil e an urra ri na poilis, agus chan e luchd-poileataigs, co-dhùnadh an tèid rannsachadh eucoir a dhèanmh air mar a fhuair fiosrachadh dìomhair ma sgaoil bho choinneimh de Chomhairle na Tèarrainteachd Nàiseanta. Bha Jeremy Hunt a' bruidhinn às dèidh do Rùnaire an Dìon, Gavin Williamson, a dhreuchd a chall agus am Prìomhaire ag ràdh gu robh fianais làidir ann gur e esan a leig am fiosrachadh ma sgaoil. Tha Mgr Williamson a' dol às àicheadh gu làidir gur e a bhruidhinn ris an Daily Telegraph.

Chaidh fear a dh'èignich ochdnar bhoireannach a chur dhan phrìosan airson còig bliadhna deug leis an Àrd Chùirt ann an Glaschu an-diugh. Dh'eignich Graeme Brown, aois trì bliadhna deug thar fhichead à Roinn Friù, na boireannaich thairis air trì bliadhna deug. Dh'innis aon bhoireannach dhan chùirt gun robh Brown air a cumail na prìosanach fad trì là. Chaidh innse do Bhrown gun tèid faire a chumail air airson trì bliadhna aon uair 's gun tèid a shaoradh.

Thuirt an EU gun tèid ceumanan laghail a ghabhail gus dìon a chur air companaidhean Eòrpach ann an Cuba, agus na Stàitean Aonaichte air innse gun leig iad le Ameireigeanaich airgead dìoghlaidh a shireadh bho gnothachasan air an eilean. Dh'fhoillsich an riaghaltas aig Dòmhnall Trump air a' mhìos sa chaidh gun ceadaicheadh iad cùisean lagha co-cheangailte ri togalaichean Ameireigeanach a chaidh a ghabhail thairis san ar-a-mach Chomunach bho chionn trì fichead bliadhna. Tha mòran chompanaidhean Eòrpach a' cur feum air togalaichean mar seo, gu h-àraid ann an roinn turasachd Chuba.

Chaidh tuilleadh thaic iarraidh do dhaoine a tha ag imrich a dh'Alba agus a stèidheachadh ghnìomhachasan. Tha rannsachadh a' sealltainn gu bheil cha mhòr an dàrna leth de chompanaidhean ùra na dùthcha gan cur air dòigh le feadhainn a tha a' tighinn neo a tha a' tilleadh a dh'Alba. Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh gu bheil còrr is ceud mìle luchd-obrach gam fastadh aig companaidhean mar seo.

A rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Oilthigh Chaileanach Ghlaschu, dh'fhaodadh g'eil daoine a' cur am beatha ann an cunnart le a bhith ro mheasail air am peataichean. Fhuair luchd-saidheans gum faod an dòigh sa bheil cuid de dhaoine a' làimhseachadh am peataichean galairean cunnartach a sgapadh. Tha'd a' moladh do dhaoine gun a bhith a' pògadh an cuid bheathaichean, agus an làmhan a nighe às dèidh dhaibh an slìobadh.