Oidhche thrang an Lìog Leòdhais

  • Air fhoillseachadh
Ball-coise

Tha oidhche thrang ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh Diluain is ceithir geamaichean a' dol air adhart.

Bidh an Taobh Siar ag amas air an t-suidheachadh aca aig mullach na lìge a neartachadh is iad aig an taigh an aghaidh Aths.

Tha astar na lìge eadar na sgiobaidhean a' dol a-steach dhan gheama is na Siaraich gun chall is Aths gun phuing idir aig an ìre seo.

Coinnichidh dà sgioba a tha a' feuchainn ri ceann a' mhaide a chumail ris an Taobh Siar aig Cnoc a' Choillich far am bi Càrlabhagh a' cur fàilte air an Rubha.

Thèid Nis, a tha a' feuchainn ris an t-seusan aca a chur gu dol, a Steòrnabhagh 'son cluich an aghaidh United.

Faisg

Tha United air iongnadh a chur air gu leòr thuige seo le dà gheama à trì a bhuannachadh san lìog is iad cuideachd air an Taobh Siar a chur a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

Geama teann san amharc aig Cnoc nan Gobhar.

Sa gheama eile oidhche Luain thèid am Bac an aghaidh na Hearadh.

Tha na sgiobaidhean seo air tòiseachadh an ìre mhath san lìog gun geama a bhuannachadh fhathast, rudeigin a bhios iad airson atharrachadh oidhche Luain.

Tòisichidh na geamaichean seo uile aig 7f.

Tha clàr nan geamaichean ann am ball-coise ionadail an t-seachdain seo mar a leanas:

Leòdhas is na Hearadh

Diluain 06.05.19 - Lìog

Am Bac - Na Hearadh 7f

Càrlabhagh - An Rubha 7f

United - Nis 7f

An Taobh Siar - Athletic 7f

Dihaoine 10.05.19 - Cuairt Dheireannach Chupa ABC

Na Lochan - An Taobh Siar 6.30f

Uibhist is Barraigh

Dihaoine 10.05.19 Lìog

Beinn nam Fadhla - Saints an Ìochdair 6.30f

Disathairne 11.05.19 Lìog

Èirisgeigh - Southend

Uibhist a Tuath - Barraigh - a bhith air a dhearbhadh

An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse

Dihaoine 10.05.19 - Cupa GF MacRath

Caol Àcainn - GA United 7f

Disathairne 11.05.19 - Cupa GF MacRath

Malaig - Gleann Eilig 6f

Slèite agus an Srath - Juniors Phort Rìgh 6f

Port Rìgh - Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 6f

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh