Trèanaichean bataraidh air a' Ghàidhealtachd?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gum bi trèanaichean bataraidh a' dol eadar Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa.
'S dòcha gun tèid deuchainnean le trèanaichean bataraidh a dhèanamh ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.
Chaidh trèanaichean air an ruith le bataraidh a chur an sàs sa Ghearmailt an-uiridh.
Thuirt an feadhainn air cùl na pròiseict sin gur iad seo na ciad trèanaichean bataraidh 'son luchd-siubhail san Roinn Eòrpa 'son 60 bliadhna.
Tha e a-nise air tighinn am bàrr gu bheil Hitrans a' meòrachadh air deuchainn le trèanaichean mar seo eadar Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa.
Sgrùdadh
Thuirt iad gur dòcha gu bheil an t-slighe seo freagarrach dha-rìribh.
"Tha cothroman an seo oir chan eil ach 20 mìle eadar an dà bhaile, tha e rèidh, is tha trèanaichean bataraidh ann a-nise a nì 40 mìle mus bi feum air cumhachd a chur annta às ùr", thuirt Frank Roach aig Hitrans.
"Chan urrainn dhaibh a dhol nas luaithe na 60 msu, ach chan eil sin na thrioblaid eadar Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa.
"Tha sinne 'son faighinn a-mach an toiseach an obraicheadh seo, is dh'fhaodadh sinn an uairsin feuchainn ri maoineachadh fhaighinn airson sgeama pileat a chur air dòigh", thuirt e.