Ionad cultarail ùr Sgitheanach ceum nas fhaisge

Tha ionad cultarail ùr san Eilean Sgitheanach, Ionad Thròndairnis, ceum nas fhaisge. Chum Urras Baile Fhlòdaigearraidh tachartas Disathairne a' comharrachadh gur ann acasan a-nise a tha an talamh air a bheileas an dùil an togalach a chur. A rèir an Urrais, 's e an ath cheum a bhith a' lorg maoineachaidh mu choinneamh an leasachaidh. Gheall am ball pàrlamaid Albannach, Ceit Fhoirbeis, gum bi taic ri fhaighinn. Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.