20 bliadhna bhon chiad taghadh gu Holyrood

Fichead bliadhna air ais an diugh bha muinntir na h-Alba a' bhòtadh airson a' chiad uair airson na pàrlamaid ùire ann Holyrood. B'e latha eachdraidheil a bh' ann, a' chiad phàrlamaid ann an Alba bho sheachd ceud deug is a seachd. 'S iad na Làbaraich a rinn a' chùis sa bhòt, ach le beag-cuid. Agus coltach ris a' mhòrchuid de riaghaltasan Albannach bhon uairsin, bha aca ri co-bhanntachd a stèidheachadh. Chaidh na Lib Deamaich dhan riaghaltas còmhla riutha. Tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air ais air an taghadh.