Ùidh mhòr ga sealltainn ann an sgeama turasachd
- Air fhoillseachadh

Fhuair SNH 37 tairgsean airson taic bhon stòras
Chaidh ùidh mhòr a shealltainn ann an stòras £5m airson taic a chur ri turasachd àrainneachdail is chultarail ann an sgìrean iomallach dhen Ghàidhealtachd agus na h-eileanan.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' ruith an stòrais.
Bha dùil gur e deich pròiseictean a gheibheadh taic - agus dh'fhaodadh cuid a rinn tagradh call a-mach.
Obraichean
Fon sgeama, feumaidh tagraichean sealltainn mar a bheireadh iad piseach air a' choimhearsnachd agus mar a chruthaicheadh iad obraichean.
Cha robh cead aig companaidhean prìobhaideach, no buidhnean a tha gu tur saor-thoileach, cur a-steach airson maoineachaidh.
A dh'aindeoin sin, agus ged nach robh aig daoine ach trì mìosan airson tairgse a dhèanamh, fhuair SNH 37 tairgsean.
Toileachas
Thuirt neach-labhairt gun robh iad air leth toilichte leis an ùidh a chaidh a shealltainn anns an stòras, agus gun d' fhuair iad mòran diofar thairgsean bho air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Gheibhear a-mach anns an t-Sultain dè na pròiseictean a gheibh taic.
Tha an t-airgead a' tighinn bho sgeama leasachaidh Eòrpach, agus air sgàth Brexit, tha mì-chinnt mhòr mun stòras anns an àm ri teachd.