Roz NicPheadrais air bàsachadh

  • Air fhoillseachadh
Roz NicPheadraisTùs an deilbh, Roz NicPheadrais

Chaochail boireannach air a' Ghàidhealtachd a bha air na ceudan mhìltean notaichean a thogail airson feuchainn ris an aillse a bh' oirre a leigheas.

Bha Roz NicPheadrais, 52, a' fuireach anns a' Mhanachainn, 's bha nòs millteach de dh'aillse fala oirre nach gèilleadh do chemotherapy.

Às dèidh dhi £320,000 a thogail, dh'aontaich an NHS an leigheas a thoirt dhi.

Fhuair daoine a bha air taic a thoirt seachad an t-airgead aca air ais, is chaidh airgead cuideachd a thoirt seachad do charthannas.

Cruinneachadh

Thòisich i a' faighinn an leighis ann an Lunnainn sa Mhàrt.

Chaochaill Roz NicPheadrais ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis Diluain.

Tha i a' fàgail an duine aice, Malcolm, is dithis chloinne, Thea is David.

Dh'innis a teaghlach gum bi cruinneachadh ann an ath-sheachdain airson beatha Roz a chomharrachadh.