Seirbheisean Loganair air an cur dheth

  • Air fhoillseachadh
Plèana aig Port-adhair ShumburghTùs an deilbh, Hugh Harrop

Dh'innis Loganair gun cur iad trì seirbhisean à Port Adhair Steòrnabhaigh dheth aig toiseach na h-ath sheachdain agus an t-eas-aonta a' leantainn eadar companaidh nam puirt-adhair HIAL agus luchd-iùil nan itealan.

Tha an luchd-iùil a' diùltadh obair a bharrachd a dhèanamh agus tha sin a' toirt buaidh air na h-amannan as urrainnear itealain a ghiùlain gu raointean-laighe.

Thathas air aontachadh cuideachd a dhol air stailc fad latha ro dheireadh na mìos.

Pàigheadh

Tha am buaireadh eadar luchd-iùil agus HIAL mu dheidhinn àrdachadh pàighidh air a bhith a' dol bho chionn còrr air bliadhna, ach dh'fhas a' chùis na bu dorra às dèidh dhan luchd-obrach tòiseachadh ag obrachadh air a' mhìos a chaidh a-rèir riaghailtean obrach.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a leigeil anail bhon obair aig amannan nuair a tha dùil ri plèanaichean tighinn is falbh, agus tha sin air dàil a chur air cuid de sheirbhisean agus air ciallachadh gun deach feadhainn eile chur dheth.

Mì-chinnt

Tha Loganair ag ràdh a-nis - leis a mhì-chinnt tha sin ag adhbharacadh - nach bi plèana Steòrnabhaigh a' fàgail Ghlaschu feasgar Diluain, no Dimàirt, aig 17:50.

Tha na seirbheisean sin air an cur dheth, agus mar sin, cha bhi seirbheis anmoch ann air ais a Ghlaschu a bharrachd.

Tha iad cuideachd air a phlèana eadar Dùn Èideann agus Steòrnabhagh madainn Dimàirt aig 09:40 a chur dheth, agus an tè a' dol air ais a Dhùn Èideann aig 11:15.

Tha Loganair cuideachd air innse nach bi seirbheisean idir aca às a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan air Diardaoin an 23mh den Chèitean leis gum bi an luchd-iùil air stailc.

Tha Loganair ag iarraidh air luchd-siubhail còmhradh riutha mu dheidhinn atharrachadh amannan siubhail, agus nach cosg sin càil a bharrachd dhaibh.

Stailc

Bidh luchd-iùil nam plèanaichean aig puirt-adhair HIAL a' dol air stailc a mhaireas 24 uairean de thìde air an 23mh den Chèitean.

Bheir an stailc buaidh air na puirt-adhair a leanas: Steòrnabhagh, Beinn na Faoghla, Inbhir Ùige, Kirkwall, Sumburgh, Inbhir Nis agus Dùn Dè.

Thuirt Dàibhidh Avery bho Phrospect nach robh foighidinn tuilleadh aig an luchd-iùil le HIAL agus gum feum ministearan riaghaltais gnothach a ghabhail ris a' chùis.

Tha ceannardan HIAL ag ràdh gum feum iad cumail ri riaghailtean Riaghaltas na h-Alba a thaobh pàigheadh luchd-obrach na roinne poblaich leis gu bheil iad a' faighinn mòran den mhaoineachadh aca bhon sporan phoblach.

Diaordaoin thuirt àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gu robh iad air an tàmailteachadh nach d' fhuaireadh fuasgladh fhathast.