Luaidh ga dhèanamh air an Ollamh Iain MacAonghais
Tha luaidh ga dhèanamh air an Ollamh Iain MacAonghais a bhàsaich Dihaoine aig aois ceithir fichead sa naoi.
B'e fear de na sàr sgoilearan a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig.
Bha e ainmeal airson an obair a rinn e a' cruinneachadh agus ag innse mu dhòigh beatha nan Gàidheal agus bha ùidh mhòr aige ann am beul-aithris agus mar a bhiodh na Gàidheil a' cleachdadh macmeanma.
Rugadh Iain ann an Ùig Leòdhais ann an 1930, ach b'ann ann an Dùn Èideann a chur e seachad a' mhòr chuid de bheatha.
Tha Magaidh NicFhionghuin a' coimhead air ais air a' bheatha.