Camarathan astar coitcheann air an A82 is A85
- Air fhoillseachadh

Tha camarathan astar coitcheann an sàs air an A9 agus an A77 mar tha.
Thèid camaran astar coitcheann luach £250,000 a chur air an rathad eadar Taigh an Droma ann an Earra Ghàidheal agus Lix Toll ann an Siorrachd Pheairt.
Tha seo airson feuchainn ris an àireamh de thubaistean air an rathad a lùghdachadh.
A rèir figearan bho Riaghaltas na h-Alba, tha 21 tubaist air tachairt air a' phìos seo dhen rathad air an A82 agus an A85, agus tha iad ag ràdh gu bheil mòran a' draibheadh aig astar ro luath.
Chan eil ach còig mìle deug eadar Taigh an Droma agus Lix Toll, ach 's e rathad cumhang, lùbach, cunnartach a th' ann.
Thairis air na trì bliadhna a chaidh seachad, chaidh aona tubaist deug a chlàradh le daoine air an droch ghoirteachadh, naoi eile nach robh cho dona, agus chaill aon neach am beatha ann an tubaist eile.
Cùramach
Le sgrùdadh ga dhèanamh cuideachd air an astar a bha càraichean a' dol air an rathad, chaidh a shealltainn gun robh aon chàr a-mach às gach trì a' dol ro luath.
Thèid na camarathan ùra a chur an gnìomh nas fhaide air adhart as t-samhradh.
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, gun robh na camarathan astar coitcheann air a bhith ag obair gu math ann an sgìrean eile den dùthaich, 's iad a' brosnachadh dhraibhearan a bhith cùramach, 's mar sin gun tàinig lùghdachadh anns na h-àireamh thubaistean.
Mar eisimpleir, chaidh an àireamh de dhaoine a chaidh a mharbhadh air an A77 sios 60% às dèidh na camarathan seo a chur an sàs.