A' Ghàidhlig air ais an Calasraid

Bha a' Ghàidhlig làidir ann an Calasraid chun an fhicheadamh linn ach an-diugh chan eil an cànan ri chluinntin idir.

Ach chaidh bùth-obrach a chumail an t-seachdain seo ge-tà mar phàirt dhen Fhèis Shamhraidh agus iad airson dùalchas Gàidhlig na sgìre a chomharrachadh agus iad feuchainn ri ùidh a thogail innte a-rithist.