Boireannach a bhàsaich an tubaist air an A9 air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Chaochail Megan Whitehead, 20, san tubaist eadar trì càraichean tuath air Dòrnach Diciadain.
Bha i 20 bliadhna de dh'aois agus bhuineadh i do Bhun Ilidh ann an Cataibh.
Bha i a' dràibheadh càr Nissan Micra, 's i na h-aonar, nuair a bhuail an carbad agus Volkswagen Golf glas, agus Alfa Romeo dearg na chèile.
Thachair an tubaist goirid ro 08:30m, mu leth-mìle deas air ceann-rathaid a' Mhill.
Cha deach draibhear an Alfa Romeo a ghoirteachadh.
Bha an A9 aig làrach na tubaiste dùinte airson faisg air naoi uairean de thìde airson gus am faigheadh na poilis air an sgrùdadh a dhèanamh.
Thuirt an t-Sairdeant Ailean MacEangraig:"Tha sinn a' feuchainn ri faighinn a-mach dè a dh'adhbhraich an tubaist seo.
"Tha càirdean agus caraidean Megan nar smuaintean fhad 's a tha an rannsachadh againn a' dol air adhart.
Thuirt e: "Tha mi taingeil dhan a h-uile duine a thug taic dhuinn chun seo agus tha mi ag iarraidh air duine le fiosrachadh thighinn a bhruidhinn rinn.
"Bu mhath leinn coimhead air dealbhan dascham sam faodadh fianais a bhith."