Naidheachdan 11:00m
Thuirt oifigich an Aonaidh Eòrpaich nach eil adhbhar sam bith ann air tuilleadh chòmhraidhean air Brexit an-dràsta fhad 's a tha an Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gum feumar an t-aonta fhosgladh às ùr. Thuirt an EU nach gabh iad ri iarrtas na Rìoghachd Aonaichte airson Cùl-Stad na h-Èireann a thoirt a-mach às an aonta agus gu bheil oifigich Eòrpach an làn-dùil a-nis gum falbh Breatainn às an Aonadh gun aonta aig deireadh na Dàmhair. Thuirt Sràid Dhowning gu bheil am Prìomhaire deònach aonta a dhèanamh, ach gum feum an EU am beachd atharrachadh.
Tha còrr is 130,000 duine òg an Alba a' faighinn a-mach an-diugh mar a chaidh dhaibh anns na deuchainnean sgoile. Dh'iarr mu leth dhiubh sin am fiosrachadh le teacsa fòn no post-dealain, agus tha an còrr ga fhaighinn sa phost. Tha loidhne fòn aig Leasachadh Sgilean na h-Alba le comhairle agus taic do dh'fheadhainn nach d' fhuair an teisteanas a tha a dhìth orra.
Bidh prìomh loidhne a' chosta an iar eadar a' Ghàidhealtachd agus Glaschu dùinte airson suas ri seachdain fhad 's a tha an loidhne-rèile ga càradh. Dh'fhalbh an tuil a' bhòn-dè leis an loidhne ann an còig àiteachan eadar Àird Laoigh, a' Chritheann-Làraich agus an t-Òban.
Tha an àireamh dhaoine an Alba a tha a' faighinn sgrùdaidh airson aillse a' chaolain a' sìor èirigh le deuchainn sìmplidh ùr a thòisich bho chionn dà bhliadhna. Dh'eirich an àireamh a tha a' dèanamh an sgrùdaidh sin gu còrr is 60% airson a' chiad uair. 'S e aillse a' chaolain an dàrna aillse as motha a tha a' toirt bàis do dhaoine ann an Alba.
Tha dùil ri gille, a tha 17 bliadhna de dh'aois, sa chùirt ann am Bromley ann an Lunnainn fo chasaid gun do dh'fheuch e ri murt a dhèanamh. Tha e fo chasaid mu chùis a' ghille bhig, sia bliahdna de dh'aois, a chaidh a thilgeil a rèir choltais, bhon deicheamh làr ann an Taigh-Ealain an Tate. Tha an gille beag, a bhuineas dhan Fhraing anns an ospadal, ach tha e coltach a-nis nach eil e ann an cunnart a bheatha.
Bha briseadh dùil aig Christina NicChoinnich à Leòdhas a bha ag amas air an ùine as giorra riamh do bhoireannach air baidhseagal eadar Lands End agus Taigh Iain Ghròt. Tha i an-dràsta beagan tuath air Bearghdal, mu 40 mìle deas air Taigh Iain Ghròt, ach tha e follaiseach nach eil ùine gu leòr aice. Thuirt an sgioba aice gu bheil i fhèin fìor thàmailteach, ach mhol iad gu mòr an oidhirp mhìorbhaileach a rinn i bho dh'fhàg i Lands End aig 08:00m a' bhòn-dè.