"Ithibh nas lugha feòla"

Tha na sinn ag ithe de dh'fheòil agus stuthan-bainne a' cur gu mòr ri blàthachadh na cruinne.

Sin a rèir aithisg a dh'fhoillsich na Dùthchannan Aonaichte an-diugh - agus an luchd-saidheans aca air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Thuirt iad gum biodh e na chuideachadh mòr nan tòisicheadh daoine a' seachnadh feòla agus stuthan-bìdh bho bheathaichean - agus barrachd bìdhe stèidhichte air lusan agus planndrais ithe nan àite.

Tha an aithris seo aig Annabel NicIllinnein.