Rabhadh mu thinneas a sgapas an gartan
Tha rabhadh às ùr ann mun chunnart bho ghartain, a tha gu math pailt am-bliadhna.
Chan e a-mhàin an Tinneas Lyme a tha iad a' sgapadh, ach tinneas eile, nach eil cho ainmeil, ach a tha a cheart cho millteach.
'S e fear de na ciad rudan dham mothaich duine air a bheil an galar Alpha-gal gu bheil a bhith ag ithe feola deirg a' toirt droch bhuaidh orra.
Seo Seonaidh MacCoinnich.