Loidhne rèile air an tug tuil buaidh gu bhith dùinte greiseag

  • Air fhoillseachadh
Tuiltean air an loidhne rèileTùs an deilbh, Network Rail
Fo-thiotal an deilbh,

Thug na tuiltean buaidh air an loidhne rèile

Chaidh earrann den t-slighe eadar Àird Laoigh agus A' Chrìon-Làraich a sguabadh air falbh an dèidh uisge mòr Didòmhnaich.

Chaidh co-dhùnadh gun fhosgladh a-rithist chun an 22mh den Lùnasdal, an dèidh mar a chaidh coimhead air a' chron a rinneadh air an loidhne rèile bhon adhair agus air a' ghrunnd.

Ge-tà, bidh na trèanaichean a' dol eadar A' Chrìon-Làraich agus an t-Òban a-rithist Diluain.

Thuirt Network Rail gu robh an am bruthach air an robh na rèilichean air lagachadh ann an grunn àiteachan an dèidh mar a dh'fhalbh na tuiltean leis na mìltean thunnachan de mhorghan.

Obair dhoirbh

Rinn na tuiltean milleadh cuideachd air a' bhalaiste fon loidhne air an t-slighe dhan Òban, faisg air Taigh an Droma.

Thuirt Network Rail gun do rinn cho iomallach 's a tha cuid dhe na làraich agus mar a lean an droch shìde an obair càraidh na bu dorra dhaibh.

Tha seirbheisean ScotRail a' ruith an-dràsta eadar Stèistean na Ban-rìgh ann an Glaschu agus An t-Arar/Àird Laoigh agus eadar A' Chrìon-Làraich agus An Gearasdan/Malaig.

Tha busaichean a' dol eadar An t-Arar agus A' Chrìon-Làraich, agus dhan Òban.

Loidhnichean rèileTùs an deilbh, Network Rail

Thuirt Liam Sumpter, stiùiriche shlighean do Network Rail Alba: "Tha an luchd-einnseinìridh againn ag obair 24 uairean de thìde airson an loidhne rèile fhosgladh as ùr dhan luchd-cleachdaidh againn cho luath sa ghabhas.

"'S e obair dhùbhlanach a tha seo leis gu feum sinn am bruthach a bha a' cumail taic ris an loidhne ath-thogail - a' cur air ais na mìltean thunnachan de thalamh a chailleadh - mus tèid againn air na loidhnichean fhèin os a chionn a chàradh."