Casg air bhanaichean-campachaidh?

Tha muinntir Bhatairsteinn san Eilean Sgitheanach ag ràdh gum feumar casg a chur air bhanaichean-campachaidh bho bhith a' dol air an rathad shingilte tron bhaile is iad a' dèanamh air an làraich ainmeil - Rubha na h-Èist.

Seo às dèidh dhen rathad a bhith dùinte fad sia uairean a thìde aig deireadh na seachdain agus carbad dha leithid air a dhol far an rathaid.

Tha cuid san àite ag iarraidh stad a chur air càraichean luchd-turais uile gu lèir bho bhith a' siubhal air an rathad.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.